Am Monadh Rèidh
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air [Whithorn]], air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns A' Mhonadh Rèidh (Beurla/Beurla Ghallta: Monreith). Tha e suidhichte aig 25m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, eadar Cill na Tràghad agus Port Rosnait, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 308km air falbh bho Obar Dheathain, 127km bho Ghlaschu, 71km bho Dhùn Phrìs agus 160km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns A' Mhonadh Rèidh. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Port Uilleim[4] dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[5] Freumhan an ainmA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à monadh agus rèidh anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à ‘’Moine’’ agus ‘’riabhach’’ a tha an t-ainm.[8] Tha cruth na tìre a’ toirt cuideam dhan teòiridh seo cuideachd. EachdraidhChaidh Am Monadh Rèidh a’ chlàradh airson a’ chiad turais anns na meadhan aoisean mar Murith agus Menrethe.[9] Poileataigs'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Am Monadh Rèidh, a ghabhas a-steach Barrachan, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Magh Crom cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11] CòmhdhailChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
Iomraidhean
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn |